Garden scene
(Photo: M. Caimbeul)

(English version follows)

An Seòrsa Eaglais a dh’Iarrain

Bhiodh cumadh cearcaill oirre,
gun suidheachain eaglais.
Bhiodh beinn air a cùlaibh
agus a’ mhuir mu a coinneamh.

Shuidheadh sinn mun bhòrd mhòr chruinn,
crann-ceusaidh agus uaigh fhosgailte na mheadhan,
sean agus òg ag adhradh còmhla.
Cha bhiodh sgeul air cùbaid,

ach bhiodh cuideigin ann
a’ treòrachadh an adhraidh
agus daoine a’ labhairt
mar a ghluaiseadh an Spiorad iad,

agus fios againn gun robh E beò
nar meadhan, an Crìosd’ a dh’èirich.
‘S bhiodh an-còmhnaidh
sèithear no dhà falamh

agus aran is annlan dhan acrach
agus na dorsan fosgailte
dhan fheadhainn a thigeadh bhon t-sràid,
‘s bhiodh ùrnaigh ag èirigh mar thùis

airson na Rìoghachd ri thighinn
far nach bi caoidh no bròn
no murt no marbhadh
no tarcais no dìmeas,

ach bhiodh craobh aig an doras
le eòin ioma-dhathte
bho iomall an domhain
a’ seinn anns na geugan.

(English version)

My Kind of Church

It would be circular,
without pews.
A mountain behind it
and the sea in front.

We would sit round a circular table,
a cross and an open tomb in the centre,
old and young worshipping together.
There would be no sign of a pulpit,

but there would be someone
leading the worship
and people would speak
as the Spirit moved them,

knowing that He was alive
in our midst, the risen Christ.
And there would always be
one or two vacant chairs

and bread and snacks for the hungry
and the doors would be open
for those coming in from the street,
and prayer would rise incense-like

for the Kingdom to come
where there will be no weeping or tears
no murder or killing
no contempt or despising,

but there would be a tree at the door
with birds of many colours
from the ends of the earth
singing in the branches.

Advertisements